'Gainnead fiosrachaidh' aig Stòras Uibhist

  • 5 Am Màrt 2018
Beanntan Uibhist a Deas Image copyright Geograph/Rob Farrow

Tha buaireadh a' leantainn aig Stòras Uibhist, agus fear de stiùirichean Sealladh na Beinne Mòire, dham boin e, ag iarraidh gun tèid coinneamh shònraichte a ghairm.

Tha Ruairidh MacIlleBhrath ag ràdh nach eil fiosrachadh gu leòr ga chumail ri luchd-stiùiridh na buidhne.

Am measg eile, tha e ag iarraidh fiosrachadh mu chùmhnant airson a bhith a' trusadh feamainn agus staid ionmhais Sealladh na Beinne Mòire.

Tha Mgr MacIlleBhrath cuideachd a' dèanamh dheth nach eil uimhir de choinneamhan aig a' bhòrd-stiùiridh 's a b'àbhaist.

Thuirt Iain Paterson, àrd-stiùiriche Stòras Uibhist, nach robhas air iarrtas iomchaidh fhaighinn airson coinneamh shònraichte a chumail.

Thuirt e cuideachd gum b' urrainn do stiùirichean cuspairean a thogail aig coinneamhan a' bhùird, agus gum biodh an ath-choinneamh aca Diardaoin.