Teintean monaidh ann am Barraigh

  • 5 Am Màrt 2018
Teine ann am Barraigh Image copyright Bernhard Anderson

Bha aig luchd-smàlaidh ri dèiligeadh ri trì teintean monaidh ann am Barraigh air an deireadh sheachdain.

Bha muinntir an eilein, na maor-chladaich agus luchd-taic saor-thoileach bhon RNLI uile an sàs san iomairt gus smachd fhaighinn air na teintean.

Chaidh fios mu na teintean a chur chun nan seirbhisean èiginn faisg air Cuithir, feasgar Disathairne agus tràth madainn na Sàbaid.

Thuirt neach-labhairt bho Sheirbheis Smàlaidh agus Eiridinn na h-Alba gun deach daoine a ghluasad bho thogalach faisg air làimh ach gun deach smachd fhaighinn air an teine mus robh cunnart ann do thaighean neo stoc.

Dh'fhuirich luchd-smàlaidh aig na làraich Didòmhnaich gun fhios nach tòisicheadh teine a-rithist.

Thuirt am ball-pàrlamaid ionadail Aonghas Brianan MacNìll gun robh e am measg buill den phobaill a chuidich na teintean a chur às agus gun robh leud mu mhìle a dh'fhaid san teine aig aon àm.