Dtr Gillian Rothach prionnsabal ùr an t-Sabhail Mhòir

  • 1 Am Màrt 2018
Gillian Rothach Image copyright SMO

Chaidh an Dtr Gillian Rothach ainmeachadh mar phrionnsabal ùr an t-Sabhail Mhòir.

Gabhaidh i àite an Oll. Boyd Robasdan, agus 's i a' chiad bhoireannach a th' air an obair fhaighinn.

Tha an Dtr Rothach an-dràsta na h-Iar-Stiùiriche Foghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig agus cuideachd na ceannard air rannsachadh ann.

Tha i air a bhith ag obair aig a' Cholaiste bho 2001 agus an sàs ann an obair-leasachaidh na Gàidhlig bho 1984.

Urram

Thuirt i gur ann fo stiùir Sir Iain Noble a thàinig i dhan Eilean Sgitheanach an toiseach 's gur e urram agus tlachd mhòr a th'air a bhith ann dhith a bhith an-sàs ann an leasachaidhean sa chànan a-nuas tro na bliadhnaichean.

Thuirt Cathraiche Bhòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir, Aonghas MacLeòid gun robhas a' sireadh prionnsabal ùr le lèirsinn, spionnadh agus dealas agus gun do lorg iad sin agus gum bi i cho daingeann a thaobh còirichean na Gàidhlig agus a' Cholaiste 's a bha an fheadhainn a bha san dreuchd roimhpe.

Tha i a' tòiseachadh anns an obair anns an Lùnastal am bliadhna, 's an t-Ollamh Boyd Robasdan a' leigeal dheth a dhreuchd as t-Earrach.