Iarrtas stad a chur air spadadh ghearran

  • 1 Am Màrt 2018
Geàrr
Image caption Tha carthannas chòirichean bheathaichean air draghan a thoghail a-rithist mu spadadh nan gearran is iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba stad a chur air.

Le àm spadaidh nan gearran a' tighinn gu crìch tha carthannas chòirichean bheathaichean air draghan a thoghail a-rithist mun chleachdadh is iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba stad a chur air.

Tha na h-oighreachdan air an spadadh a dhìon ge-tà, 's iad ag ràdh gu bheil smachd a chumail air an àireimh de ghearran a' cur stad air gartain bho bhith a' bideadh eun.

Tha na gearran air an dìon le seusan dùinte a thoisicheas Dihaoine agus a mhaireas gu deireadh an Iuchair.

Taobh a-muigh an t-seusain seo tha e ceadaichte na gearran a spadadh neo losgadh orra airson spòrs.

A-nis tha an carthannas One Kind airson toirt air Riaghaltas na h-Alba stad a chur air a' chleachdadh mus tòisich an seusan fosgailte a-rithist.

A rèir stùiriche a' charthannais Harry Huyton chan eil adhbhar reusanta ann airson na beathaichean ainmeil seo a mharbhadh agus tha e airson laghan ùra fhaicinn a chuireas dìon air na gearran fad na bliadhna.

Thuirt Buidheann Mòintich na h-Alba, a tha a' riochdachadh nan oighearachdan, gu bheil na h-àireamhan de ghearran air an cumail sìos san aon dòigh 's a tha na fèidh.