Toll bhuidseit a' Gheamhraidh

  • 28 An Gearran 2018
Làraidh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dùil aca a dhol £2.2m thairis air a' bhuidseat Gheamhraidh aca.

Nì iad tagradh gu Riaghaltas na h-Alba airson barrachd taice.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil an Geamhradh seo air a bhith dùbhlanach dhaibh an taca ris na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt iad gun robh droch shìde ann tric thairis air an deireadh-sheachdain is air làithean-saora, a' fàgail gun robh aca ri luchd-obrach a phàigheadh airson a bhith ag obair taobh a-muigh nan uaireannan àbhaisteach aca.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil barrachd shalainn a-nise ga chleachdadh.

Sgrios

Tha iad ag ràdh gu bheil an aimsir air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air rathaidean air feadh na Gàidhealtachd.

Dhearbh Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra, Alasdair MacFhionghuin, gun iarr iad taic a bharrachd.

"Tha a' Ghàidhealtachd a' dèanamh suas trìan de dh'Alba is tha cha mhòr 7,000 cilemeatair de rathaidean againn, cuid dhiubh am measg an fheadhainn as àirde agus as iomallaiche a tha san Rìoghachd Aonaichte", thuirt an Comh. MacFhionghuin.

"Chan eil am maoineachadh a tha sinn a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba idir a' tighinn a rèir an t-suidheachaidh a th' againn.

"Tha sinn air dìon a chur air buidseatan Geamhraidh cho mòr 's a b' urrainn dhuinn, ach bha an Geamhradh seo doirbh dhuinn a thaobh rathaidean is staranan a chumail ann an òrdugh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile