Fuasgladh a thaobh connadh Uibhist

  • 28 An Gearran 2018
Connadh

Thèid trioblaid le connadh ann an Uibhist a chur ceart ro dheireadh a' Mhàirt.

Bho thùs bhiodh an connadh a' tighinn a-steach a dh'Uibhist air soitheach, ach tha pìoban a tha a' dol bhon chidhe dha na tancaichean stòraidh ann a Loch a' Chàrnain air grodadh.

Tha sin a' fàgail gu bheil am peatroil is an diesel a' tighinn dhan sgìre air làraidhean air an aiseig.

Bha iasgairean am measg na bha air draghan a nochdadh mun chùis.

Bha dragh cuideachd, le seusan na turasachd air fàire, nach biodh àite gu leòr airson mòran làraidhean.

Gealltanas

Ach tha a' chompanaidh Certas Energy, a tha os coinn Scottish Fuels, a-nise air gealltainn gum bi an suidheachadh air a rèiteach ro dheireadh a' Mhàirt.

Chuir an Comh. Uisdean Robasdan fàilte air an naidheachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine meadhanach toilichte, seach mar a bhathar a' cluintinn an toiseach gum biodh an Cèitean ann mus tòisicheadh iad air an obair", thuirt an Comh. Robasdan.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine toilichte a chluinneil gum biodh e deiseil cho tràth ri deireadh a' Mhàirt.

'S ann an uairsin gu h-àraid a bhios obair croitearachd a' dol is an t-sìde beagan nas fheàrr is na h-iasgairean a-mach, is bidh barrachd iarrtais air connadh an uairsin", thuirt e.