Tog an rathad às!

  • 28 An Gearran 2018
Tullach MhicBheatha Image copyright Alan Hodgson/Geograph

Chaidh planaichean airson an A96 a dhèanamh dùbailte eadar Inbhir Narann agus Fachabar atharrachadh gus nach toir an obair buaidh air làraich eachdraidheil a tha ceangailte ris an dealbh-chluich MacBeth aig Shakespeare.

Tha Còmhdhail Alba air a bhith a' rannsachadh na h-uimhir de roghainnean airson an rathaid ùir dhùbailte.

An dèidh dhaibh co-chomhairle phoblach a dhèanamh, thug iad atharrachadh air na planaichean aca, agus tha na planaichean ùra a-niste rim faicinn don phoball.

'S e fear de na h-atharrachaidhean, cur às do phlana a bheireadh an rathad ùr tro Thulach MhicBheatha, faisg air Caisteal Bhrothaidh ann am Moireibh.

A rèir beul-aithris na sgìre, 's ann an sin a choinnich MacBeatha ris an triùir bhana-bhuidseach a thug dha faitheadaireachd gun deadh e na rìgh air Alba.

Thuirt Rùnaire a' Chaibineit airson na h-Eaconamaidh, Chosnaidhean agus na h-Obrach Cothromaich, Cè Mac'ille Dhuinn, gur e obair mhòr dha-rìribh a th' anns an obair a bhith a' dèanamh 88 mìle den A96 eadar Obar Dheathain agus Inbhir Nis dùbailte, ach gun robhas a' gabhail ris an dùbhlan le sunnd.