Malaig an Lìog an Eilein Sgitheanaich

Bidh sgioba Mhalaig a' cluich ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse am-bliadhna.
Bha an cluba air iarrtas a chur a-steach, is chaidh gabhail ris aig coinneimh oidhche Luain.
Bha iad ron seo air cluich ann an Lìog Loch Abair.
Thuirt Malaig gur e ceum mòr air adhart a th' ann dhaibh agus dhan choimhearsnachd aca.
Chaidh an taghadh a dhèanamh cuideachd airson dà chupa oidhche Luain.
Bha iad mar a leanas;
Cupa Rois
A' Chiad Chuairt
Gleann Eilg - Port Rìgh
A' Chairteal Chuairt Dheireannach
GA United - Juniors Phort Rìgh
Caol Àcain - An Caol
Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich - Malaig
Slèite is an Srath - Gleann Eilg / Port Rìgh
Cupa GF MhicRath
A' Chiad Chuairt
Juniors Phort Rìgh - Port Rìgh
A' Chairteal Chuairt Dheireannach
GA United - Slèite is an Srath
Gleann Eilg - An Caol
Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich - Caol Àcain
Juniors Phort Rìgh / Port Rìgh - Malaig.