Fear a bhàsaich an tubaist air ainmeachadh

  • 27 An Gearran 2018
Kyle Robasdan

Dh'ainmich Poileas Alba fireannach òg a chaill a bheatha ann an tubaist rathaid ann an Siorrachd Rois Didòmhnaich.

B'e Kyle Robasdan, 20, à Baile a' Ghobhainn ann an Inbhir Nis.

Thachair an tubaist mu mhìle sear air Gairbh mu 2.00f Didòmhnaich.

Bha dà chàr an sàs - Seat Leon dearg agus Audi S3 geal.

Bha Mgr Robasdan a' draibheadh an Seat Leon.

Thuirt an Seardsaint Chris Moireach bho Phoileas Alba gu bheil na smuaintean aca le teaghlach Kyle Robasdain.

Thug e taing dha daoine a tha air fiosrachadh a thoirt seachad mun tubaist, is thuirt e gu bheil na poilis airson bruidhinn ri neach a bha a' draibheadh bhana uaine anns an sgìre aig an àm.

Tha e ag ràdh gur dòcha gu bheil fianais chudromach aig an neach sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile