Airgead do ghoireasan turasachd san Eilean Sgitheanach

  • 26 An Gearran 2018
Glumagan nan Sìthichean Image copyright Richard Croft/Geograph

Fhuair na planaichean gus piseach a thoirt air goireasan turasachd anns an Eilean Sgitheanach togail leis an naidheachd gu bheilear a' cuir maoineachadh a bharrachd riutha.

Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh, tha Glumagan nan Sìthichean ann an Gleann Bhreatail agus an Cuith Raing air a bhith uabhasach trang le mòran a bharrachd luchd-turais.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil cus a bharrachd trafaig ann agus tha na rathaidean beaga mu thimcheall nan sgìrean air a bhith loma-làn le carbadan.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean eile air a bhith ag obair air planaichean gus piseach a thoirt air na goireasan.

An-diugh, dh' fhoillsich iad gu faigh planaichean airson pàirce chàraichean nas motha aig Glumagan nan Sìthichean £200,000 de dh'airgead Leader an Aonaidh Eòrpaich.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a' cuir £100,000 ri pròiseact gus pàirc chàraichean ùr a chruthachadh aig a' Chuith Raing.

Thuirt Ministear na Turasachd, Fiona Hyslop, gu robh i airson na b' urrainn dhith a dhèanamh gus a bhith cinnteach gum bi fàs sam bith ann an turasachd seasmhach.