"Briseadh-dùil mòr" do Ross County

  • 26 An Gearran 2018
Craig Curran Image copyright SNS
Image caption Chaidh Craig Curran a chur far na pàirce às dèidh àimhreit.

Thuirt manaidsear Ross County gun robh mar a chluich an sgioba ann am Peairt Disathairne na "bhriseadh-dùil mòr".

Tha County fhathast aig bonn na Prìomh Lìge às dèidh dhaibh call 2-0 ri St Johnstone.

Chuir Murray Davidson an dà thadhal sa chiad leth.

Bha buille eile do Chounty anns na mionaidean mu dheireadh is Craig Curran air a chur far na pàirce às dèidh àimhreit.

"Dh'atharraich an geama ann am fàbhor St Johnstone nuair a chaidh iad air thoiseach agus bha iad airidh air na puingean", thuirt Owen Coyle.

Ìre

"Cha d'fhuair sinne faisg air an ìre a bh' againn anns na seachdainean mu dheireadh is tha sin na bhriseadh-dùil mòr.

"Chan eil fiosam dè rinn Craig Curran ach bheir sinn sùil air", thuirt e.

Tha geama fìor mhòr aig County a-nise Disathairne is Partaig - a tha trì puingean os on cionn - a' tighinn a dh'Inbhir Pheofharain.

San Championship, dh'fhuiling Inbhir Nis buille nan oidhirp na h-àiteachan play-off a ruighinn is iad air call 2-0 ri Morton aig an taigh.

Chuir Scott Tiffoney Morton air thoiseach tràth is rinn Gary Harkins cinnteach gum faigheadh iad na puingean le tadhal bho bhreab-peanais le 20 mionaidean air fhàgail.

Mì-thoilichte

Thuirt manaidsear Inbhir Nis, Iain Robasdan, nach robh mòran eadar na sgiobaidhean is gum faodadh Inbhir Nis a bhith air rudeigin a thoirt às a' gheama.

Thuirt e ge-tà, nach eil cuid de na cluicheadairean aige a' dèanamh gu leòr is gum feum iad a bhith nas fheàrr ma tha iad 'son fuireach aig a' chluba.

Tha seo a' fàgail ICT 10 puingean air cùl Dundee United a tha san 4mh àite.

Cluichidh iad Dùn Bhreatainn air falbh oidhche Mhàirt.

Thuirt Robasdan gu bheil e ag iarraidh air an sgioba sreath de gheamaichean a bhuannachadh gus an lìog a shreap.