Tubaist mhairbhteach air an A835

  • 26 An Gearran 2018
Làrach na tubaiste Image copyright PAUL CAMPBELL
Image caption Thachair an tubaist air an A835 faisg air Gairbh

Dh'iarr na poilis fiosrachadh bhon t-sluagh às dèidh mar a chaidh fear òg a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Siorrachd Rois Didòmhnaich.

Thachair an tubaist air an A835 faisg air Gairbh.

B' e Seat Leon dearg agus Audi S3 geal a bha an sàs anns an tubaist air an rathad eadar an Todhar agus Ulapul beagan dhan deas air baile Ghairbh.

Thuirt poilis Alba gu robh fireannach aois 20 bliadhna, a bha draibheadh an seat, air a bheatha a chall.

Bha an A835 dùinte gu anmoch oidhche Dhòmhnaidh fhad 's a bha oifigearan a' rannsachadh làrach na tubaiste.

Chuir Caledonian Mac a' Bhriuthainn dàil air an aiseag aca a Steòrnabhagh à Ulapul air sgath na tubaiste.

Thuirt an Seàirdseant Chris Moireach bho Ionad Rathaidean nam Poileas gu robh an smuaintean air teaghlach an duine òig a chaochaill.

Thuirt e cuideachd gu robh an sgrùdadh aca a' leantainn agus gu robh e ag iarradh air duine a chunnaic na càraichean tighinn air adhart le fiosrachadh.