Dragh mu thurasachd am Barraigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh air gnìomhachas na turasachd ann am Barraigh

24 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann am Barraigh gu bheil mar a chaidh ionad VisitScotland san eilean a dhùnadh air droch bhuaidh a thoirt air turasachd.

Thuirt stiùiriche a' Bharrathon gu bheil aca fhèin a-nis ri daoine a chuideachadh airson àite-fuirich fhaighinn.

Le mìosan trang an t-samhraidh air fàire, dh'fhaodadh duilgheadas a bhith aig daoine ma nochdas iad gun àite-fuirich air a chur air dòigh, ged a tha Visit Scotland a' moladh do dhaoine gin sin a dhèanamh.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.