Ro-sheallaidhean de chuimhneachan Stafainn

  • 23 An Gearran 2018
Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach Image copyright Urras an Taobh Sear
Image caption Chì a' choimhearsnachd na molaidhean airson a' chuimhneachain aig Talla Coimhearsnachd Stafainn eadar an 5mh agus an 10mh là den Mhàrt.

Tha dùil gun cuir luchd-ealain beachdan air adhart airson cuimhneachan a thathas a' coimiseanadh air strì chroitearan ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach.

Bha muinntir na sgìre a' cur an aghaidh àrdachaidh sa mhàl aca, mar nach robh grèim thèarainte aca air an fhearann agus mar a bha teaghlaichean gan cur às an fhearann.

Bha e mar phàirt de Strì an Fhearainn san 19mh Linn.

Cuiridh an luchd-ealain Henry Castle agus Tom Smith am beachdan air adhart aig Talla Coimhearsnachd Stafainn eadar an 5mh agus an 10mh là den Mhàrt.

Chaidh an dithis a thaghadh bho am measg còrr air 40 neach-ealain bho air feadh an t-saoghail a chuir a-steach airson na h-obrach.