Gearainnean mu rathaidean Ghlinn Dail

  • 22 An Gearran 2018
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha muinntir Ghlinn Dàil anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil na rathaidean aca ann an staid èiginneach.

Tadhlaidh Stiùiriche Seirbheisean Coimhearsnachd Comhairle na Gàidhealtachd, Uilleam Mac'illFhiallain, air an sgìre airson faicinn dha fhèin cho dona 's a tha iad.

"Tha mi ag aideachadh gu bheil iad dona, ach tha na rathaidean air feadh na Gàidhealtachd ann an droch staid," thuirt an Comh. MacFhionghain.

"Feumaidh sinne mar chomhairle coimhead air tòrr airgid a bharrachd fhaighinn airson a bhith ag obair air na rathaidean.

"Bha an suidheachadh cho dona 's gun do dh'iarr iad air Mgr Mac'illFhiallain tighinn chun an eilein, agus tha mi toilichte gu bheil e deònach a dhol ann 's chì e fhèin cho dona 's a tha na rathaidean.

"Mar a tha fhios aig a h-uile duine chan eil an t-airgead againn mar chomhairle a b' àbhaist a bhith againn, is feumaidh sinn coimhead air na rathaidean air feadh na Gàidhealtachd.

"'S tha mi ag aideachadh gu bheil rathaidean anns an Eilean Sgitheanach dona, ach feumaidh sinn, mar a thuirt mi, a bhith a' coimhead air seo cuideachd," thuirt e.

Thuirt BP na sgìre, Ian Blackford, gur e lùghdachadh ann am buidseat rathaidean na Comhairle thairis air iomadach bliadhna a bu choireach.

Ach tha an Comh. Alasdair MacFhionghain ag ràdh gun deach dìon a chur air a' bhuidseat bho fhuair na comhairlean neo-eisimeileach cumhachd.

"Chan eil sin ceart idir," thuirt an Comh. MacFhionghain.

"Bhon thàinig sin às an Riaghaltas gu Comhairle na Gàidhealtachd tha sinne air a bhith a' cumail a' dìon an airgid a tha sinn a' cosg air na rathaidean.

"Agus 's e sin am prìomh amas a th' air a bhith againn - a bhith a' coimhead às dèidh nan rathaidean agus foghlaim," thuirt e.