Diomb mu chìsean seilge air croitearan

  • 21 An Gearran 2018
Fearann

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail sgur a bhith ag iarraidh airgid mhòir bho chroitearan aig a bheil croit air màl mu choinneimh chòirichean seilge.

A rèir a' Chaidreachais feumar stad a chur air an leithid gum bi cinnt ann cò tha còir a bhith a' pàigheadh an airgid.

Thuirt an Caidreachas gun do chuir grunn chroitearan fios gan ionnsaigh agus dragh mòr orra mun t-suidheachadh.

Chaidh iarraidh air cuid suim mhòr de dh'airgead a phaigheadh ged nach eil còirichean seilge aca air an lot aca.

Dh'innis cathraiche a' Chaidreachais, Ruiseal Mac a' Ghobhainn, gur ann air màl a tha a' chuid as motha de thalamh croitearachd, ach nach eil còirichean seilge aig croitearan màil.

Thuirt e gun do chuir am bòrd-luachaidh fios a dh'ionnsaigh a h-uile duine aig a bheil fearann gus faighinn a-mach a bheil còirichean seilge aca, ach tha e coltach nach deach fios a chur a dh'ionnsaigh Coimisein na Croitearachd.

Dh'iarr Mgr Mac a' Ghobhainn air croitearan fios a chur a dh'ionnsaigh mheasadairean a' bhùird-luachaidh cho luath 's a ghabhas.

Dh'iarr e gun rachadh stad a chur air seo gus an tèid a' chùis a rèiteach.

Thuirt e gu bheil e uabhasach gu bheil seo a' toirt buaidh air an fheadhainn aig a bheil talamh air màl.