Bungair cogaidh air a reic

  • 20 An Gearran 2018
Doras a' bhungair Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Doras a' bhungair, faisg air Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Ghabh Comhairle na Gàidhealtachd ri tairgse a fhuair iad airson seann bhungair cogaidh an Inbhir Nis a cheannach.

Chaidh am bungair, a tha faisg air Ospadal an Ràthaig Mhòir, a thogail tìde an Dàrna Cogaidh, airson tighinn tro ionnsaigh bho na bomaichean as cumhachdaiche a bh' ann aig an àm.

Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Doras a' bhungair, faisg air Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Chaidh a sgeadachadh anns na 1980an, tìde a' Chogaidh Fhuair.

Bhon uair sin tha e air a bhith comasach dìon a thoirt do dhaoine bho ionnsaigh niuclasaich, bhith-eòlasaich no cheimigich.

Chuir a' Chomhairle am bungair air a' mhargaidh an-uiridh.

Dhearbh an t-ùghdarras ionadail gun do ghabh iad ri tairgse airson a cheannach, agus gu bheil an t-aonta reic ga ullachadh leis an roinn laghail aca.