Dearbhadh gun deach Liam Colgan fhaicinn

  • 19 An Gearran 2018
Liam Colgan Image copyright Facebook

Tha teaghlach fhir às Inbhir Nis a tha a dhìth sa Ghearmailt air dearbhadh fhaighinn gur e a chaidh fhaicinn le daoine a thàinig air adhart, goirid an dèidh dha a dhol a dhìth.

Bha Liam Colgan air thuras ann an Hamburg air thoiseach air banais a bhràthar, Éamonn, a bha gu bhith ann an ceann beagan sheachdainnean.

Tha e a-niste air a bhith a dhìth còrr air seachdain, agus chaidh a' bhanais a chur dheth gus an tèid a lorg.

Chaidh fhaicinn goirid an dèidh don bhuidhinn de charaidean leis an robh e fhaicinn mu dheireadh ann am bàr Veermaster an Hamburg Disathairne 10mh an Gearran.

Chaidh a thogail air dealbhan CCTV, agus dearbhadh ann gur e a bh' ann.

Tha na dealbhan a' sealltainn Liam a' ruighinn bacadh charbadan togalach an G&J ann an sgìre Baumwall den bhaile mu 02:20m.

Tha fianaisean air a ràdh gum faca iad duine a bha coltach ri Liam, 29, agus gun do chuidich iad e a dhìreadh staidhre gu prìomh dhoras an togalaich an dèidh dha tuiteam.

Dhearbh na dealbhan CCTV gu bheil sin fìor.

Thuirt an teaghlach gu bheil am fiosrachadh ùr a' fosgladh slighean rannsachaidh ùra.

Dhearbh a bhràthair Éamonn oidhche Dhòmhnaich nach b' e corp Liam a chaidh a thoirt bho Abhainn Elbe sa bhaile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo