Milleadh air Caisteal Maol

  • 19 An Gearran 2018
Dealanaich an Caol Àcainn Image copyright www.Bespokehotels.com/kingsarms
Image caption Dealbh den dealanaich ann an Caol Àcainn air an 14mh là den Ghearran.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' feuchainn ri làrach seann chaisteil ann an Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach a dhèanamh sàbhailte an dèidh do dhealanaich cron mòr a dhèanamh air oidhche Chiadain a chaidh.

Image copyright An t-Urr. Donnchadh Barwise
Image caption Bhuail an dealanaich air a' bhior de bhalla air an làimh chlì.

Tha Caisteal Maol, a bha uaireigin aig Clann MhicFhionngain, a' dol air ais chun a' 15mh Linn, 's tha e a' tàladh mòran luchd-turais gach bliadhna.

Image copyright An t-Urr. Donnchadh Barwise
Image caption Chunnacas an ath-mhadainn na rinn an dealanaich de mhilleadh air a' phàirt sin den chaisteal.

Bhris an dealanaich mullach far fhir den dà bhalla a th' air fhàgail den chaisteal nuair a bhuail e air an 14mh là den Ghearran.

Thog an t-Urr. Donnchadh Barwise, a tha a' fuireach faisg air làimh, dealbh den chaisteal às dèidh na dealanaich, ri choimeasachadh ri dealbh a bha e air a thogail na bu thràithe den là - mu dhà uair de thìde gu leth mus do bhuail an dealanaich.