Dearbhadh nach e corp Liam a chaidh a lorg

  • 19 An Gearran 2018
Liam Colgan Image copyright Facebook

Thuirt teaghlach an fhìr às Inbhir Nis a tha a dhìth sa Ghearmailt, nach b' e idir a chaidh a lorg marbh ann an abhainn ann an Hamburg oidhche Dhòmhnaich.

Nochd aithrisean à Hamburg Didòmhnaich gun deach corp a lorg ann an Abhainn Elbe, ach thuirt bràthair Liam Colgan, Éamonn, nach b' e bh' ann.

Thill Éamonn Colgan dhan bhaile an t-seachdain seo chaidh a shireadh a bhràthar.

Chaidh Liam Colgan a dhìth seachdain Disathairne a chaidh agus e air turas dhan bhaile air thoiseach air pòsadh a bhràthar.

Dh'innis Éamonn gu bheil a' bhanais a-niste air a cur dheth gus an tèid Liam a lorg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo