500 obair-lannsa gan cur dheth

  • 16 An Gearran 2018
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach dàil a chur air cha mhòr 500 obair-lannsa neo-èiginneach aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis thairis air na trì seachdainean mu dheireadh.

Thachair sin air sgàth truailleadh le duslach agus sgàinnean ann am ballaichean seòmraichean lannsa.

Thuirt am bòrd slàinte gun robh iad duilich airson na thachair, agus gun deach na trioblaidean a chur ceart.

Thathas an dòchas gum bi obair-lannsa air ais chun na h-àbhaist bho Dhiluain.