Cobhair air luchd-obrach aig ionad SSE san t-Sròn Lairg

  • 15 An Gearran 2018
SSE block at Stronlairg Image copyright SSE

Chaidh cobhair a dhèanamh air triùir luchd-obrach a bha glacte anns a' charbad aca ann an cathadh sneachda air a' Ghàidhealtachd.

Bha an triùir ag obair air tuath gaoithe an t-Sròn Lairg a cheangal ris an lionra dealain, faisg air Cille Chuimein.

Chaidh an glacadh san droch shìde 's iad a' siubhail eadar togalach a-muigh agus prìomh thogalach còmhnaidh an ionaid.

Ràinig heilicoptear teasargain iad aig 17:30 agus fhuaireadh slàn, sàbhailte iad.

Nas tràithe, chaidh sgioba teasargain beinne a' Mhonaidh Ruaidh a dhèanamh cobhair orra.

Bha an t-sìde ron a sin air bacadh a chur air heilicoptear nam maor-cladaich bho bhi cuideachadh na sgioba teasargain.

Droch-shìde

Tha an t-sìde air a bhi a' dèanamh maill mhòr air goireasan siubhail 's eile tron an latha.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe airson sneachda agus deigh air feadh mòran den Ghàidhealtachd gu ruige 10:00m Dihaoine.

Chaidh càr a chur air a mhullach air an A82 anns an t-sneachda.

Tha gaoth nas motha na 100 m.s.u. air a bhith sa Mhonadh Ruadh san 24 uair a dh'fhalbh, agus bhuail dealanaich air sgìre Chaoil Loch Aillse oidhche Chiadain.

Thuirt luchd-obrach aig Ionad Sgithidh a' Chàirn Ghuirm gun do thuit i gu -7C aig an stèisean àrd air a' bheinn, agus gu bheil sneachda mòr air a bhith aca.