Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Florida

Tha poilis a tha a' rannsachadh mar a chaidh deugachadh dhaoine a mharbhadh ann an sgoil ann am Florida air fear a bha na sgoilear a chur ann an grèim. Chaidh aithris gun deach an duine aois 19 a chur a-mach às an sgoil ann am Parkland tuath air Miami. Chaill co-dhiù 17 duine am beatha nuair a chaidh losgadh orra le gunna.

Buidseat Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'iarr Màiread NicDhàibhidh, Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, gun aontaich comhairlichean bho na pàrtaidhean eadar-dhealaichte buidseat a tha cothromach an-diugh. Thuirt i gu bheil am buidseat a thathar a' moladh a' dìon sheirbheisean, dreuchdan agus choimhearnsachdan. Feumaidh a' Chomhairle gearraidhean luach £15m a dhèanamh.

Rabhadh Còmhdhail

Tha na Poilis air rabhadh a thoirt mu cho duilich 's a tha cùisean air cuid de na rathaidean air sgàth an t-sneachda, deigh agus gaoith làidir air an A82 agus an A9 air a' Ghàidhealtachd. Tha rabhadh buidhe bho Oifis na Sìde an sàs gu 10:00m a-màireach. Chaidh carbad far an rathaid air an A82, 's tha dealanaich air a bhith mu na costaichean air an taobh an iar. Tha cùisean air a bhith doirbh dha-rìribh tha e coltach do dhràibhearan air an A82 aig Gleann Comhann, agus air pàirtean den A9 ann an sgìre na Gàidhealtachd, ach cuideachd ann an Siorrachd Pheairt.

Afraga a Deas

Thèid Cyril Ramaphosa ainmeachadh mar Cheann-Suidhe Afraga a Deas aig 12:00f. Dhfhàg Jagob Zuma an dreuchd an-raoir. Bha cuideam mòr bhon phàrtaidh aige fhèin, an ANC, air Mgr Zuma falbh às an obair. Tha mòran chasaidean coirbteachd agus brìbearachd mu a choinneimh.

Biadh Giollaichte

Tha rannsaichean air rabhadh a thoirt mun cheangal a th' eadar biadh giollaichte agus aillse. A rèir sgrùdaidh a nochd ann an Iris Mheidigeach Bhreatainn bha àrdachadh de 10% de bhith ag ithe biadh mar cheicicean, cnapan-circe, agus aran a chaidh a dhèanamh ann am factaraidh a' ciallachadh gun do dh'èirich ìrean aillse 12%.