Cùmhant ùr "a' dèanamh dìmeas"

  • 14 An Gearran 2018
Dotaireachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol an aghaidh nam beachdan agus nam planaichean fhèin airson seirbheisean dotair ann an sgìrean dùthchail le bhith a' cur taic ri cùmhnant ùr airson dotairean teaghlaich, a rèir eòlaiche.

Tha an Dr. Roger Strasser, a tha na eòlaiche air seirbheisean slàinte air an dùthaich aig Sgoil Mheidigeach Cheann a Tuath Ontario den bheachd gu bheil an cùmhnant ùr a' dèanamh dìmeas air seirbheisean dotair air an dùthaich, agus dh'fhaodadh gum bi cuid de dh'ionadan gun dotair air a' cheann thall.

Tha e a' toirt seachad comhairle dha comataidhean slàinte fo stiùir Riaghaltas na h-Alba.

Ach tha e am measg an fheadhainn a tha an aghaidh a' chùmhnant ùir dha dotairean teaghlaich.

Dh'iarr e gun rachadh dàil a chur air gus an tèid measadh ceart a dhèanamh.

Thuirt Riagahtlas na h-Alba nach tig lùghdachadh air an t-suim airgid a tha ionadadan dotair an Alba a' faotainn.

Thuirt Comann Meidigeach Bhreatainn gum bi an cùmhnant ùr gu buannachd cheàrnaidhean air an dùthaich.