Ceannard ùr air BSGI

  • 13 An Gearran 2018
Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha ceannard ùr gu bhith aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Chaidh litir gu pàrantan na sgoile Dimàirt ag ràdh gun deach Lena Walker fhastadh airson 23 mìosan.

Anns an litir thug ceannard eadar-amail na sgoile, Kirsty Nic a' Phiucair, taing do phàrantan airson an taic thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad.

Bha a' Bh-Ph. Walker air a bhith a' teagasg anns an sgoil mar thà, 's i an-dràsta ag obair aig Bun-Sgoil nan Ìnnseagan anns a' bhaile.