Dlùthachadh air fàire aig UHI

  • 13 An Gearran 2018
UHI Image copyright Valenta/Geograph

Dh'fhoillsich Oilthigh na Gaidhealtachd 's nan Eilean planaichean airson cuid de cholaistean mòra na buidhne a thoirt nas dlùithe air a chèile.

Tha na planaichean aig ìre-thràth, ach dh'fhaodadh gun tig atharrachadh air structar na buidhne cho tràth ris an t-Sultain am-bliadhna.

An-drasta, tha 13 buidhnean a' tighinn ri chèile fo bhratach UHI, ach le an ceannardan fhèin, leis an luchd-obrach aca fhèin, agus le smachd air cuid de na prìomh ghnìomhan dhaibh fhèin.

Fo na planaichean ùra ge-tà, bhiodh Colaiste Inbhir Nis, Colaiste Mhoireibh, Colaiste Cheann a Tuath na Gàidhealtachd, agus Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas a' tighinn nas dlùithe ris an oilthigh.

"'S ann aig ìre gu math tràth a tha sinn an-dràsta," thuirt Garry Coutts, Cathraiche na Cùirte aig an Oilthigh.

Image copyright John Allan/Geograph
Image caption Cha bhi Sabhal Mòr Ostaig no Comann Saidheans Mara na h-Alba nam pàirt den aonta ùr.

"Tha cathraichean nan colaistean, còmhla rium fhèin, air tighinn cruinn agus tha sinn air co-dhùnadh, dhaibhsan aig a bheil ùidh ann a bhith a' tighinn nas dlùithe ri chèile, tha sinn airson gun tig iadsan còmhla a choimhead ri sin gu h-iomlan.

"Mura bheil adhbhar ann nach bu chòir dhaibh sin a dhèanamh, bu mhath leinn gun dèanadh iad sin uaireigin san àm ri teachd.

"Tha feadhainn eile a tha ag ràdh aig an ìre seo nach eil iad ag iarraidh a dhol an lùib sin.

"Ach tha iad a' cumail sùil air na tha a' tachairt, agus ma tha iadsan aig àm air choireigin ri teachd ag iarraidh tighinn nas dlùithe, bhiomaid an dòchas gum biodh sin furasta dhaibh," thuirt e.

Cha bhi mar sin leithid Sabhal Mòr Ostaig no Comann Saidheans Mara na h-Alba an lùib an aonta ùir.

Chan eil e follaiseach fhathast ge-tà, dè bhiodh sin a' ciallachadh dhan luchd-obrach, ach tha an t-oilthigh ag ràdh nach eil iad airson duine a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.