Bun-Sgoil Inbhir Gharradh "as truaighe"

  • 13 An Gearran 2018
Bun-Sgoil Inbhir Gharradh Image copyright John Fergusson/Geograph
Image caption Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach do rinneadh co-dhùnadh sam bith fhathast a thaobh obair-leasachaidh air an sgoil.

Tha pàrantan an Loch Abar a' gearain gu bheil a' chlann aca a' fulang thrioblaidean slàinte ri linn droch staid na sgoile aca.

'S ann an seann togalaichean sealadach a tha a' dol bhuaithe a tha a' chuid as motha den 30 sgoilear aig Bun-Sgoil Inbhir Gharradh a' faighinn an cuid foghlaim.

Tha na togalaichean sealadach air a bhith ann còrr air 30 bliadhna.

Tha comhairle phàrantan na sgoile ag ràdh nach eil sgoil sam bith eile san sgìre ann an staid cho truagh.

Thuirt iad gu bheil na togalaichean sealadach le glainne shingilte sna h-uinneagan, gu bheil iad fuar, dampach, agus gu bheil iad a' lobhadh, 's gu bheil sin a' toirt droch bhuaidh air slàinte sgoilearan a tha leis a' chuing agus duilgheadasan anail eile.

Thuirt cathraiche chomann nam pàrantan, Maria NicRath, nach gabhar ris gu bheil aig a' chloinn ri dhol a-mach airson an taigh-beag a chleachdadh ann an togalach fa-leth, ge b' e dè tha an aimsir a' dèanamh.

Tha i ag iarraidh air Comhairle na Gàiadhealtachd na togalaichean Bhictorianach a th' air an làraich a sgeadachadh, nam measg taigh-sgoile a th' air a bhith na laighe falamh bho chionn còrr air deich bliadhna.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach do rinneadh co-dhùnadh sam bith fhathast a thaobh obair-leasachaidh air an sgoil.

Tha dùil ri deasbad am measg chomhairlichean air an ath-mhìos air na planaichean calpa aca.