Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Oxfam

Tha Ceann-Suidhe Haiti air luchd-obrach bhon bhuidhinn charthannais Oxfam a chàineadh às dèidh mar a thàinig e am bàrr gun deach cuid aca còmhla ri siùrsaich às dèidh na crith-thamhainn mhòir bho chionn seachd bliadhna. Cuideachd tha tosgaire Haiti do Bhreatainn air cantainn gu bheil buidhnean cobhair eadar-nàiseanta dualtach dìmeas a dhèanamh air daoine ann an dùthchannan bochda.

BiFab

Tha dùil gun innis a' chompanaidh BiFab do chòrr is 250 duine den luchd-obrach aca an-diugh gun tèid am pàigheadh dheth. Tha na h-aonaidhean ciùird ag ràdh gum faodadh gun dùin na gàrraidhean togail ann am Fìobha agus Leòdhas as t-Samhradh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi iad a' tabhainn taic practaigich dha daoine a chailleas an cosnadh. Tha an t-aonadh Unite ag ràdh gun deach innse dhaibh nach tèid an co-dhùnadh atharrachadh mura faigh BiFab cùmhnantan ùra.

An Atmhorachd

Dh'fhuirich ìre na h-Atmhorachd aig 3% anns an Fhaoilleach, a rèir fhigearan ùra bho Oifis na Staitistig Nàiseanta. Tha an ìre air a meas tro Chlàr an Luchd-Ceannachd.

Jacob Zuma

Tha pàrtaidh an Riaghaltais an Afraga a Deas, an ANC, an dèidh iarraidh air a' Cheann-Suidhe Jacob Zuma a dhreuchd a leigeil dheth. Tha dùil gun cuir am pàrtaidh teachdaireachd a-mach aig coinneimh naidheachd an-diugh.

Alba Chruthachail

Chaidh Raibeart MacUilleam ainmeachadh mar chathraiche ùr Alba Chruthachail. Bha e an sàs ann a bhith a' stèidheachadh Jupiter Artland - pàirc de dh'ìomhaighean snaidhte air iomall Dhùn Èideann. Tha e a' gabhail thairis bhon Chathraiche eadar-amail Ben MacThòmais aig àm dhuilich, 's iad air maoineachadh a ghearradh bho mhòran bhuidhnean.

Tunisia

Tha seirbheisean adhair a' tòiseachadh às ùr an-diugh eadar Breatainn agus Tunisia. Chaidh an cur dheth bho chionn faisg air trì bliadhna air ais nuair a thug ceannaircich ionnsaigh air luchd-turais ann an Sousse. Chaidh 38 duine a mharbhadh, dà chupal à Alba nam measg.

Sneachda

Tha cuid de sgoiltean dùinte aig an t-sneachda air a' Ghàidhealtachd, agus tha an aimsir a' toirt buaidh air còmhdhail. Tha cuid de sheirbheisean adhair dheth aig Port-Adhair Inbhir Nis, agus tha an sneachda a' toirt buaidh air dràibhearan air an A9 agus rathaidean eile. Chuir Oifis na Sìde rabhadh buidhe a-mach airson meadhan na dùthcha agus an costa an iar gu 3:00f.

Am Prionnsa Harry

Tha dùil gum bi sluagh mòr a-muigh ann an Dùn Èideann an-diugh agus am Prionnsa Harry agus Meghan Markle a' tadhal air a' bhaile. Bidh iad aig a' chaisteal, agus bidh iad a' coinneachadh ri luchd-obrach bhon charthannas Social Bite.