Fear à Inbhir Nis a dhìth sa Ghearmailt

  • 12 An Gearran 2018
Liam Colgan Image copyright Facebook
Image caption Chaidh Liam Colgan fhaicinn mu dheireadh ann an sgìre Reeperbahn.

Thuirt fear de charaidean Liam Colgan à Inbhir Nis gur ann a tha iad a' fàs nas iomagainiche mu dheidhinn mar as fhaide a leanas an suidheachadh.

Cha deach Mgr Colgan, 29, fhaichinn bho uairean beagan na maidne Disathairne.

Bha e còmhla ri bhràthair agus seachd caraidean deug ann am baile Hamburg ro bhanais a bhràthair.

Chuir Mgr Colgan air dòigh an turas mus pòs a bhràthair, Eamonn, aig toiseach a' Mhàirt agus e gu bhith na fhleasgach aig a' bhanais.

Dh'innis Ailean Pearson, fear dhe na balaich a bh' air an turas, gu robh e ''gu tur a-mach às an àbhaist''.

Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil iad a' toirt taic dhan teaghlach.

Iomairt

Chaidh Mgr Colgan fhaicinn mu dheireadh mu 01:30 Disathairne ann an sgìre Reeperbahn.

A' bruidhinn air BBC Good Morning Scotland, thuirt Mgr Pearson gu robh ochd duine deug air an turas agus gu robh iad a' frithealadh cuid dhe na taighean-òsta sa bhaile.

Ron a' sin, bha iad ann an taigh-grùdaidh.

Dh'innis e gur ann aig deireadh na h-oidhche a chaidh Liam a dhith.

Cha tug duine an aire nach robh sgeul air.

Thuirt e gu robh e doirbh sùil a chumail air a h-uile duine.

"An dèidh dhuinn bruidhinn ri luchd-obrach an taigh-òsta anns an robh sinn mu dheireadh, dh'innis iad gun do dh'fhàg Liam beagan mhionaidean ron a' bhuidhinn".

Thuirt e gu robh fios aca gu robh rudeigin fada ceàrr nuair nach do nochd Liam Disathairne.

Dh'fhuirich bràthair, athair agus buill eile de theaghlach Mhgr Cholgan anns a' Ghearmailt gus lorg fhaighinn air.

Tha a charaidean ann an Alba air a bhith cleachdadh nam meadhanan sòisealta gus an naidheachd a sgaoileadh.

Chuir iad air dòigh duilleag Facebook air a bheil ''Help find Liam Colgan''.

Nuair a chaidh Mgr Colgan fhaicinn mu dheireadh bha seacaid leathair agus hoodie glas air.

Tha e sia troighean de dh'àirde agus tha falt ruadh air.