Iasgair a bhàsaich air ainmeachadh

  • 9 An Gearran 2018

Chaidh iasgair a bhàsaich às dèidh dha tuiteam dhan mhuir far Dhùthaich MhicAoidh feasgar Diluain ainmeachadh gu h-ionadail.

'S ann à Inbhir Theòrsa a bha Mark Elder, 26.

Chaidh aig an fheadhainn a bha ag obair còmhla ris air a thoirt air ais air bòrd an FV North Star, ach chaochail e.

Thòisich Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara sgrùdadh air a bhàs.