Oidhche Mhòr FilmG
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oidhche Mhòr FilmG

9 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thèid cuirm duaisean FilmG a chumail ann an Glaschu oidhche Haoine.

Cruinnichidh an fheadhainn a th' air fiolmaichean a dheasachadh anns an Old Fruitmarket gus faighinn a-mach an do shoirbhich leotha.

Tha FilmG a' comharrachadh 10 bliadhna bho thòisich iad.

Thèid a' chuirm Dihaoine a chraoladh beò air loidhne bho 7.30f.

Thèid taghadh de na bhuannaich agus blasad air na bha a' dol aig na duaisean a chraoladh cuideachd air BBC Alba Didòmhnaich aig 9f.

Bhruidhinn Eilidh NicAoidh ri manaidsear na pròiseict, Flòraidh Forrest.