Corp fear-coiseachd air a lorg

  • 12 An Gearran 2018
Ailean agus Niall Gibson Image copyright Police Scotland
Image caption Cha do thill na bràithrean às dèidh dhaibh a dhol a-mach a choiseachd Diardaoin seo chaidh

Fhuairear corp fear de dithis bhràithrean nach do thill bho chuairt air taobh siar Rois Diardaoin seo chaidh.

Bha Ailean Gibson, 56, agus a bhràthair Niall, 63, a' coiseachd ann an sgìre Achadh nan Seileach ann an Srath Charrann, le cù.

Chaidh corp Ailein Ghibson, a bha a' fuireach ann an County Durham, fhaighinn le luchd-teasairginn Disathairne.

Cha deach sgeul fhaighinn fhathast air a bhràthair.

Thàinig maille air an iomairt-teasairginn Diluain air sgàth na droch shìde.