Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha dithis a bhoineas do Bhreatainn an grèim ann an Siria fo amharas gun robh iad a' sabaid air taobh na Stàite Islamaich. Bha Alexanda Kotey agus El Shafee Elsheikh, à Lunnainn, ann am buidheann de cheathrar à Breatainn anns an robh cuideachd Mohammed Emwazi, no Jihadi John, a chaidh a mharbhadh le ionnsaigh drone ann an 2015. Tha na Stàitean Aonaichte ag ràdh gun do mhurt a' bhuidheann sin còrr 's 20 duine a bha am bruid aca. Bha an t-Albannach, Dàibhidh Haines, agus an t-Aimeireaganach, Seumas Foley, nam measg.

Obair-lannsa

Chaidh fàgail air NHS na Gàidhealtachd gun do rinn iad sreath mhearachdan agus stad a-rithist air obair-lannsa aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis. An turas seo tha sgàineadh ann am ballachan anns na seòmraichean lannsa, goirid an dèidh do dhust anns an togalach stad a chur air obair-lannsa air a' mhìos seo chaidh. Thuirt fear de bhuill Tòraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Èideard Mountain, gur e dearbhadh eile a tha seo air droch stiùireadh NHS na Gàidhealtachd.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd 40% a ghearradh bhon taic-airgid do Thalla Eden Court agus pàircean cluiche chloinne 's taighean beaga a dhùnadh mu choinneimh toll de £15m sa bhuidseat. Agus ged a bheir na gearraidhean buaidh air còrr 's 50 cosnadh làn-ùine, thuirt a' Chomhairle nach toir iad buaidh air luchd-obrach foghlaim no air glanadh nan rathaidean air a' gheamhradh.

Na Stàitean Aonaichte

Bha riaghaltas nan Stàitean Aonaichte dùinte ùine ghoirid an-diugh airson an dàrna turas am-bliadhna an dèidh maill anns a' bhòt air buidseat ùr. Chuir an Seanadh taic ris a' bhuidseat ach bha iad ro fhadalach airson a' chinn-ùine aig meadhan-oidhche. Ghabh Còmdhail nan Stàitean Aonaichte ris a' bhile bhon uairsin agus dh'fhosgail seirbheisean an riaghaltais a-rithist.

Rannsachadh

Thug sgioba rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann uighean mhic an duine gu ìre torrachais ann an deuchainnlann airson a' chiad uair. Thuirt an sgioba gur e ceum mòr a th' ann gu dòighean ùra ann an leigheas torrachais.

Geamaichean

Choinnich Ceann-suidhe Chorea a Deas, Moon Jae-in, agus ceannard stàite Chorea a Tuath, Kim Yong Nam, ro fhosgladh oifigeil Geamachan Oilimpigeach a' Gheamhraidh. Cha do thadhail riamh roimhe buidheann cho cumhachdach à Corea a Tuath air a' cheann a deas. Bidh lùth-chleasaichean bhon dà dhùthaich a' caismeachd còmhla fon aon bhratach aig fosgladh nan geamachan a tha a' tòiseachadh an-dràsta fhèin ann am Pyeongchang.