Là mòr do bhall-coise eileanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Là mòr do bhall-coise eileanach

9 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh là mòr ann Disathairne do chluicheadairean ball-coise eileanach.

Cluichidh Leòdhas is na Hearadh an aghaidh Nairn County Fo20 ann an Cupa Jock MhicAoidh.

'S e seo seo an dàrna oidhirp an geama seo a chluich, is bidh e aig Acadamaidh Ball-Coise na Gàidhealtachd ann an Inbhir Pheofharain aig 12:30f.

Nas fhaide air an là, thèid Brora Rangers an aghaidh Chill Mheàrnaig aig Pàirce Rugby ann an Cupa na h-Alba.

Bidh Màrtainn MacIlleathain à Leòdhas is Scott Greumach às an Eilean Sgitheanach ann an sguad Bhrùra.

Fhuair Dòmhnall MacLaomainn beachd air an dà gheama bho Choinneach MacLeòid.