Càineadh air NHS na Gàidhealtachd

  • 9 An Gearran 2018
Ospadal an Rathaig Mhòir

Chaidh càineadh a dhèanamh air Bòrd-slàinte na Gàidhealtachd is teataran-lannsa Ospadal an Ràthaig Mhòir uile dùinte air sgàth sgàinidhean anns na ballachan.

Thàinig air a' bhòrd-shlàinte cuid de na seòmraichean-lannsa a dhùnadh air a' mhìos seo chaidh cuideachd is duslach ma sgaoil annta.

Thug am BPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Eideard Mountain, slaic air a' bhòrd-shlàinte.

Tha Mgr Mountain ag ràdh gu bheil sgioba-stiùiridh NHS na Gàidhealtachd air "sreath de mhearachdan" a dhèanamh.

Thuirt e gu bheil am bòrd ag obair air plana gus cuid de na h-ospadail bheaga air a' Ghàidhealtachd a dhùnadh is barrachd sheirbheisean a thoirt seachad ann an Inbhir Nis.

Tha e ag ràdh gu bheil ceistean mòra ann a bheil Ospadal an Ràthaig Mhòir comasach air dèiligeadh ri sin.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil cunnart structurail sam bith anns na teataran-lannsa aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Dh'innis iad gu bheil iad ag obair gus na seòmraichean fhosgladh a-rithist cho luath 's a ghabhas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile