Àite-stòraidh bho Linn an Iarainn ga lorg ann an Nis

  • 8 An Gearran 2018
Àite-stòraidh bho Linn an Iarainn Image copyright CHRIS BARROWMAN
Image caption Tha arc-eòlaichean a-nis a' rannsachadh na làraich

Lorgadh àite-stòraidh fon talamh ann an ceann a tuath Leòdhais a thogadh ann an Linn an Iarainn.

'S e fear a bha ag obair le diogair air làrach taighe ùire a thàinig tarsainn air.

Tha arc-eòlaichean às an sgìre, Chris 's Rachel Barrowman, a-nis a' rannsachadh na làraich.

Thuirt Mgr Barrowman gur math dh'fhaoidte gur ann airson biadh a stòradh a bhathas ga chleachdadh.