Ionad ùr dha "Spòrs Gàidhlig"?

  • 8 An Gearran 2018
Northern Cairngorms Image copyright Northern Cairngorms sais
Image caption Tha barrachd òigridh a' nochdadh ùidh ann an cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh

Tha a' bhuidheann "Spòrs Gàidhlig" - a tha a' cur air dòigh chur-seachadan Gàidhlig dhan òigridh air a' bhlàr-a-muigh - a' coimhead ri ionad a thogail dhaibh fhèin.

Tha a' bhuidheann na pàirt de Chomunn na Gàidhlig, agus tha i an-dràsta stèidhichte aig Loidse a' Ghlinne Mhòir.

Thuirt Dòmhnall Morris bhon bhuidhinn gu bheil fàs air tighinn air na tha de dh'òigridh a' tighinn thuca, agus gum biodh e na bu shaoire nam biodh àite aca dhaibh fhèin.

"'S e cridhe a bhios ann dha òigridh na h-Alba a bhith a' cleachdadh Ghàidhlig le cur-seachadan a-muigh".

Cha deach àite a chomharrachadh fhathast airson an ionaid, ach thuirt e gu bheil iad a' coimhead gu sònraichte ris an sgìre eadar an Gearasdan, Inbhir Nis agus Srath Spè.

Dh'iarradh iad air daoine aig a bheil beachd air làraichean a bhiodh freagarrach, neo togalach nach eil air a chleachdadh an-dràsta, fios a chur orra.

"Gairm"

"'S e gairm a tha seo a' dol a-mach dhan choimhearsnachd ann an dòigh - tha sinn ag iarraidh gun sgrìobh daoine thugainn ag ràdh tha mi a' faireachdainn gu bheil cothrom ann neo tha cothrom air an làraich seo neo anns a' bhaile seo, neo seo togalach."

"Tha sinn fosgailte do bheachd sam bith."

Tha dòchas aca cuideachd gun cruthaicheadh an t-ionad ùr obraichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile