Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Phil Gormley

Tha dùil ri deasbad cruaidh aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, an dèidh do Phil Gormley, Àrd-Chonstabal na h-Alba, an dreuchd sin fhàgail. Tha beachd ann gur e an duine a th' anns an dreuchd gu h-eadar-amail an-dràsta, an Leas-Àrd-Chonstabal Iain Livingstone, a gheibh an obair.

Bile nan Eilean

Bidh deasbad cuideachd ann am Pàrlamaid na h-Alba air Bile nan Eilean. Tha am bile ag amas air dìon is còirichean dha na sgìrean eileanach ann an co-dhùnadh sam bith dhan tig Riaghaltas na h-Alba an dèidh seo. Chaidh am bile tron chiad cheum mar thà gu ruige a stèidheachadh mar lagh.

Sàrachadh Feiseil

Tha aon duine anns gach còignear a tha ag obair aig Pàrlamaid Westminster a dh'fhulaing no a chunnaic sàrachadh feiseil air a' bhliadhna mu dheireadh. Tha an aithisg bho rannsachadh air an robh Ceannard Thaigh nan Cumantan, Andrea Leadsom, anns a' chathair, a' moladh còd ùr a thaobh modh aig Taighean na Pàrlamaid.

Dàibhidh Mundell

Thuirt fear de bhuill an SNP ann am Pàrlamaid na h-Alba, Seòras Adam, gum bu chòir do Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, beachdachadh air na tha roimhe anns an dreuchd. Tha pàipear le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, 's a chaidh a sgaoileadh gun chead, ag ràdh gum fulaing eaconomaidh na h-Alba nas motha le Brexit na an còrr de Bhreatainn. Thuirt Mgr Mundell an t-seachdain seo chaidh gur ann aig ìre fìor thràth a bha am pàipear a chaidh a sgaoileadh.

Port-Adhair Steòrnabhaigh

Tha ceist ann mu cò aig a bheil còir air fearann aig Port-Adhair Steòrnabhaigh, agus Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' faighneachd de Chùirt an Fhearainn a bheil còirichean aig croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe air. Tha HIAL a' bruidhinn air leasachadh an sin, ach chan eil e soilleir dè na còirichean a th' aig na croitearan bho chaidh am fearann a thoirt aig àm an Dàrna Cogaidh. Tha e coltach gur ann le Urras Steòrnabhaigh cuideachd a tha pàirt dheth.

Gàidhlig Ghabhsainn

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn am beachd oifigear leasachaidh Gàidhlig fhastadh. Tha an t-Urras, a tha a' coimhead às dèidh còrr is 50,000 acaire fearainn às leth na coimhearsnachd ann an ceann a tuath Leòdhais, a' cur pròiseict trì bliadhna air bhonn far am bi iad a' cur taic ri brosnachadh na Gàidhlig air feadh na sgìre.

Tuathanaich

Bidh Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba a' deasbad buaidh Bhrexit am measg rudan eile aig an coinneimh bhliadhnail an-diugh. Agus cluinnidh iad feasgar bho Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing.