£0.5m air fhàgail ann an cùl-stòir CnES

  • 8 An Gearran 2018
Comhairle nan Eilean Siar

Chan eil ach £0.5m air fhàgail ann an cùl-stòir Comhairle nan Eilean Siar, às dèidh dhaibh am buidseat aca aontachadh Diciadain.

'S e dealachadh a tha seo bho phoileasaidh àbhaisteach an ùghdarrais - far an robh iad roimhe a' coimhead air seirbheisean a ghearradh seach an cùl-stòir aca a chleachdadh.

Tha ge-tà, stòras de £3m eile aca fhathast gun fhios nach bi aca ri dèiligeadh ri tachartasan èiginneach.

Dhiùlt a' Chomhairle gabhail ri iarrtas gun deadh airgead a chosg a' leasachadh Bhun-Sgoil Steòrnabhaigh.

"Iomagain"

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil beagan iomagain orra mu leithid saileadh nan rathaidean, 's barrachd den sin air a bhith a dhìth am-bliadhna.

"Bha stòras againn air a chur a dhara taobh airson bliadhna dhona den t-seòrsa seo agus tha sinn a' tighinn gu math faisg air an stòras sin a chleachdadh cuideachd".

Bidh a' Chomhairle a' coimhead ri sàbhalaidhean a dhèanamh, thuirt Mgr Dòmhnallach, agus dheadh an t-airgead sin a chur dhan chùl-stòir aca.

Chan eil Mgr Dòmhnallach dòchasach ge-tà, gun tig piseach air suidheachadh ionmhais nan comhairlean anns an aithghearrachd.

"Tha e duilich sin fhaicinn aig an ìre seo agus 's e sin fear de na h-adhbharan a tha sinn a' coimhead ris an dòigh 's a tha sinn a' lìbhrigeadh nan seirbheisean - ath-chruthachadh a dhèanamh air sin - agus cuideachd a bhith a' coimhead ri structairean nan roinnean anns a' Chomhairle agus a bheil dòigh ann air sin a dhèanamh nas èifeachdaiche."