Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Sràid Dhowning nach bi Breatainn a' fuireach ann an aonadh cuspainn de sheòrsa sam bith an dèidh Bhrexit. Sin siostam far nach bi cìsean air stuth a tha a' gluasad eadar dùthchannan an EU. Tha e coltach gun deach am fiosrachadh a sgaoileadh mar dhòigh air cur às do dh'eas-aonta anns a' Phàrtaidh Thòraidheach air a' chùis.

'S tha àrd-bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich air Brexit, Michel Barnier, aig Sràid Downing an-diugh airson chòmhraidhean mun ùine eadar-amail an dèidh do Bhreatainn falbh às an EU.

Oilthighean

Tha nas lugha de dh'òigridh anns na sgìrean as miosa dheth an Alba ag iarraidh àite anns an oilthigh. Seo a' chiad turas ann an deich bliadhna a bha lùghdachadh air an àireimh sin. Ach tha àireamh nas motha ag iarraidh àite anns an oilthigh a' tighinn à sgìrean nas beartaiche. Thuirt ministear an fhoghlaim aig àrd-ìre, Shirley-Anne Somerville, gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag obair gu ruige tuilleadh farsainneachd anns an t-siostam.

Ceannarc Pharis

Thuirt an aon duine beò a tha fo amharas mun cheannarc ann am Paris ann an 2015 nach freagair e ceistean na cùirte. Seo a' chiad là den chùis-lagha sa Bhruiseil far a bheil Salah Abdeslam fo chasaid mu shabaid ghunna ri poilis anns a' Bheilg an dèidh dha teicheadh às an Fhraing.

RBS

Tha coltas ann gur dòcha gun glèidh Banca Rìoghail na h-Alba feadhainn de na bancaichean a bha iad am beachd a dhùnadh. Bha am banca ann am Barraigh, agus ann an àiteachan eile air a' Ghàidhealtachd air liosta a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. Thuirt Ball-Pàrlamaid an Eilein Sgitheanaich, Rois agus Loch Abair, Iain Blackford, an dèidh chòmhraidhean le RBS, gu bheil dùil aigesan ri naidheachd mhath uaireigin an t-seachdain seo.

An Nancy Glen

Tha oidhirp eile ann an-diugh air dithis iasgairean a chaidh a dhìth a thoirt à Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal. Chaidh an tràlair air an robh iad, an Nancy Glen, fodha air an 19mh là den Fhaoilleach, 's tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' dèanamh sgrùdaidh air a' bhàta air grunnd na mara.

SS Tuscania

Tha comharrachadh ann an Ìle an-diugh air ceud bliadhna bhon chaidh soitheach an SS Tuscania fodha ann an sruth na Maoile. Bha i a' giùlain shaighdearan Aimeireaganach nuair a loisg bàt-aigeann Gearmailteach oirre. Chaill còrr is 200 duine am beatha.

Ospadal Phort Rìgh

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e cion luchd-obrach as coireach gun tàinig orra seirbheisean slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach aig Ospadal Phort Rìgh a dhùnadh oidhche Shathairne agus an-raoir. Bha an t-ionad fosgailte tron là.