Blackford dòchasach mu mheuran RBS

  • 5 An Gearran 2018
Banca Rìoghail na h-Alba, Inbhir Narann

Thuirt BP an Eilein Sgitheanaich, Rois agus Loch Abar, Iain Blackford, gu bheil e dòchasach nach dùin cuid de bhancaichean Banca Rioghail na h-Alba mar a bha dùil.

An-uiridh dh'innis am banca, anns a bheil fhathast mòran earrannan aig an Riaghaltas, gun dùineadh 62 de na meuran aca ann an Alba.

Tha cuid de na meuran sin air a' Ghàidhealtachd - ann am Malaig, Inbhir Narann, Caol Loch Aillse, a' Mhanachainn, Eilean Bharraigh agus eile.

Thuirt fear de cheannardan a' bhanca, Les MacMhathain gum bi seirbheis nas fheàrr aig daoine nuair a dhùineas na bancaichean ionadail aca.

Tha iad ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a-niste ri bancaireachd air a' choimpiutair agus nach eil feum cho mòr air a' bhanca fhèin.

Ach chuir an naidheachd an fhearg air sluagh nan sgìrean sin, agus air Buill-Phàrlamaid.

Thuirt Mgr Blackford gun do choinnich e ri ceannardan a' bhanca iomadach turas.

D'innis e gun deach mòran adhartais a dhèanamh agus gu bheil e an dùil nach dùin na bancaichean air a' cheann thall.

Cha robh Banca Rìoghail na h-Alba deònach dad a ràdh mun t-suidheachadh.