
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dragh mu chion smachd air coin 's àm breith nan uan air fàire
3 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig
Mura cùm daoine smachd air na coin aca a-muigh air an tuath, bu chòir beachdachadh a-rithist air còirichean dhaoine a bhith a' coiseachd far a thogras iad.
Sin a rèir fhear a tha a' cumail chaorach ann an Uibhist agus iomairt na bliadhna-sa air tòiseachadh airson crodh agus caoraich dhìon bho choin aig àm breith.
Tha dealbhan mì-thlachdmhor anns an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.