Ionad-stiùiridh gus dùnadh

  • 2 An Gearran 2018
Seacaid oifigear poilis

Dhearbh Poileas Alba gum bi an t-ionad-stiùiridh aca ann an Inbhir Nis a' dùnadh an ath-sheachdain.

Dùinidh an t-ionad air an 6mh den Ghearran.

Bidh ionad ann an Dùn Dè le uallach airson obair a' phoilis sa cheann a tuath a stiùireadh bho seo a-mach.

Chuir Luchd-sgrùdaidh Poileas na Banrigh dàil air dùnadh ionad Inbhir Nis roimhe is draghan ann mun dòigh 's a bhathar a' dèiligeadh ri gairmean èiginn ann an Alba.

Tha feadhainn air a bhith a' cumail a-mach gu bheil cunnart ann gun tèid eòlas ionadail a chall fon chrathadh seo.

Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' freagairt ghairmean èiginn nas luaithe is nas èifeachdaiche na bha leis gu bheil nas lugha de dh'ionadan ann.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg na bha airson ionad-stiùiridh a ghlèidheadh aig tuath.

Thuirt a' Chomhairle gun cum iad sùil gheur air obair a' phoilis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile