"Bu chòir an sluagh a thilleadh"

  • 1 An Gearran 2018
Cill Donnain Image copyright Claire Pegrum/Geograph

Thuirt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gum bu chòir feuchainn ri daoine a thilleadh gu cuid de na h-àiteachan a chaidh fhuadachd roimhe.

Tha buaidh nam fuadaichean a bh' ann anns na linntean a dh'fhalbh fhathast ri faicinn air feadh na Gàidhealtachd.

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdaran coimhearsnachd, airson cumhachdan ùra thoirt do mhinistearan agus do choimhearsnachdan airson sgìrean dùthchail ath-bheòthachadh.

Tha iad ag ràdh gun gabhadh sin dèanamh tro laghan dealbhachaidh atharrachadh.

Thuirt Manaidsear ùr Poileasaidh Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dr Calum MacLeòid, mar-thà gum bu chòir cothrom a thoirt do choimhearsnachdan talamh fhaighinn air oighreachdan mòra.

Tha e a-nise air togail gu sònraichte air àiteachan a chaidh fuadachd roimhe.

Daoine

"Ann an Alba an-dràsta, tha tòrr bruidhinn air a bhith ann mu fhearann fiadhaich agus mapa a' sealltainn càite a bheil e", thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha àite ann airson sin, ach feumaidh sinn cuimhneachadh air na daoine.

"An rud a bu mhath leinn faicinn ann an àiteachan far an robh sluagh uair a' fuireach, gum bu chòir an sluagh tilleadh far an gabh sin dèanamh.

"S e pròiseas a tha sin a tha a' leantainn", thuirt e.

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mapa a stèidhicheadh de dh'àiteachan a chaidh fhuadachd.

Bhiodh cothrom ann an uairsin cuid de na h-àiteachan sin ath-bheòthachadh san àm ri teachd.

Ceistean

Thuirt an Dr MacLeòid gur e ceist a th 'ann do dh'Alba air fad.

Thuirt a' bhuidheann Fearann is Oighreachdan na h-Alba gu bheil cothroman do sgìrean dùthchail an lùib Bhile an Dealbhachaidh.

Dh'innis iad ge-tà, gu bheil feum air aire a chumail air coimheasnachdan a th' ann mar-thà.

Thuirt iad gum biodh cosgaisean mòra an lùib phlana sam bith gus coimhearsnachdan a bh' ann uaireigin a stèidhicheadh às ùr, gun chinnt idir gum maireadh iad.

Thuirt iad gum biodh mòran a' ceasnachadh an e dòigh iomchaidh a bhiodh ann airgead a chosg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile