Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Capita

Thàinig rabhadh mu phrothaidean on chompanaidh Capita a tha a' dèanamh obrach dhan Riaghaltas agus do bhuidhnean poblach eile. Dh'aidich Capita gum feum iad an structar agus dòighean-obrach atharrachadh. Thàinig còrr is 40% far luach earrainnean na buidhne dìreach cola-deug an dèidh do bhuidhinn mhòir eile den aon sheòrsa, Carillion, a dhol fodha.

Theresa May

Fhreagair Theresa May càineadh às ùr mu a ceannas, agus thuirt i nach i tè a th' innte a bhios a' gèilleadh. Thuirt am Prìomhaire, air a turas a Shìona, gu bheil i a' dèanamh a dleastanais dha a dùthaich agus dha a pàrtaidh. Agus thuirt i nach eil brìgh sam bith ann am pàipear riaghaltais a chaidh fhoillseachadh an-dè, gun chead, mu bhuaidh Bhrexit air an eaconamaidh. Thuirt i nach eil ann ach a' chiad dreach den rannsachadh.

Buidseat na h-Alba

Tha còmhraidhean a' dol air adhart airson taic fhaighinn do bhuidseat Riaghaltas na h-Alba beagan uairean de thìde mus bi bhòt ann aig Holyrood. Tha Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, a' feuchainn ri taic nam pàrtaidhean dùbhlain fhaighinn, agus e a' bruidhinn ris na h-Uainich agus ris na Lib-Deamaich an-diugh.

Iùil Phlèanaichean

Nì a' bhuidheann còmhdhail Hitrans sgrùdadh air a' phlana a th' aig Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson siostam iùil coimpiutair anns na h-Eileanan an àite luchd-iùil a tha a' dèanamh na h-obrach sin an-dràsta. Tha feadhainn a' cumail a-mach nach eil dearbhadh ann a bheil an siostam coimpiutair sàbhailte, agus tha dragh ann am bi luchd-obrach anns na h-Eileanan a' call an cosnaidh.

Aiseag Steòrnabhaigh

Chaidh Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba às àicheadh nach eil esan no Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh gu leòr airson an dàrna bàt-aiseig a chur eadar Ulapul agus Steòrnabhagh. Bha Alasdair Allan a' bruidhinn an dèidh dhan Bhall-Pàrlamaid Tòraidheach Dòmhnall Camshron sgrìobhadh gu Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, ag iarraidh airsan gluasad air adhart leis a' chùis. Thuirt Mgr Allan gu bheil an Riaghaltas a' coimhead air feadh an t-saoghail airson soithich fhreagarraich, agus gum bi cùisean nas fhasa cuideachd nuair a thòisicheas bàta ùr nas motha air an t-slighe eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Marks and Spencer

Tha Marks and Spencer a' dùnadh ochd bùthainnean eile - rud a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air còrr is 450 cosnadh. Tha sia bùthainnean eile a bharrachd orra sin a' dùnadh ro dheireadh a' Ghiblein.