Fianais ga togail an aghaidh thaighean Chùil Lodair

  • 31 Am Faoilleach 2018
Àraich Chùil Lodair

Togaidh luchd-iomairt a tha an aghaidh leasachaidh thaigheadais faisg air Àraich Bhlàr Chùil Lodair fianais taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Tha seo a' tighinn às dèidh do chomhairlichean air Ghàidhealtachd dàil a chur air làn-chead dealbhachaidh dhan sgeama de 16 taighean Dimàirt.

Tha cead dealbhachaidh ann airson an leasachaidh mar thà, an dèidh do Neach-Aithris an Riaghaltais cur às do dhiùltadh Comhairle na Gàidhealtachd nuair a rinn a' chompanaidh a bh' air cùlaibh na sgeama an toiseach, Inverness Properties, tagradh laghail a dhèanamh.

Tha comhairlichean ag iarraidh air an luchd-leasachaidh, Kirkwood Homes, na taighean ath-dhealbhachadh ann an dòigh a tha a' tighinn nas fheàrr a rèir suidheachadh Gàidhealach an leasachaidh, agus na làraich ann an sgìre ghlèidheachais Àraich Chùil Lodair.

Thuirt a' chompanaidh gur e fìor bhriseadh dùil a fhuair iad leis a' cho-dhùnadh sin.

Tha mu 75,000 duine air an ainm a chur ri athchuinge an aghaidh nam planaichean.

"Dòchas"

"Bha dùil againn gum faigheadh an leasachadh seo cead an-diugh, gus cha tugadh cead dha," thuirt fear den luchd-iomairt, Seòras Kempick.

"Chaidh a mholadh airson cead le manaidsear an dealbhachaidh. Bha an obair phàipeir air fad a chunnaic sinne a' moladh gun deadh a cheadachadh.

"Mar sin, tha seo a' toirt dòchais dhuinn gun tèid seo a stad, rathad air choireigin - agus tha mi den bheachd gu bheil cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh an Neach-Aithris atharrachadh.

"Dh'fhaodadh gum bi cosgais na lùib, peanas ionmhais ri phàigheadh don luchd-leasachaidh.

"Ach tha sinne den bheachd nach ann mu dheidhinn airgid a tha seo ann.

"'S ann mu dheidhinn làrach a tha cudromach aig ìre nàiseanta.

"Pìos fearainn dham feumar, dha-rìribh, beagan a bharrachd spèis a thoirt," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo