Dòchas ùr do Phàirc Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath

  • 31 Am Faoilleach 2018
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Gluasad gus pàirc a cheannach dhan coimhearsnachd

Thèid gluasad air adhart le oidhirp air Pàirc Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath faisg air meadhan Inbhir Nis a cheannach dhan choimhearsnachd.

Chaidh a' phàirc eachdraidheil a stèidheachadh le Cruinneachadh a' Chinn a Tuath ann an 1864.

Bha uaireigin Geamaichean Gàidhealach 's an leithid a' dol air adhart innte, ach a bharrachd air geamaichean criogaid, chan eil tòrr feum ga dhèanamh den phàirc san là a th' ann.

Bha 'son treis beagan bhliadhnaichean air ais sgioba ball-coise Inverness City stèidhichte aig a' phàirc, ach cha do dh'obraich ball-coise is criogaid còmhla is ghluais City a-mach.

'S e muinntir na criogaid, an Northern Counties Cricket Club, a th' air cùl iomairt a-nise airson an t-àite a cheannach às leth na coimhearsnachd.

Tha dragh orra mu stàid an togalaich, a tha le Comhairle na Gàidhealtachd.

Aig coinneimh ann an Inbhir Nis oidhche Mhàirt, chaidh aontachadh buidheann-stiùiridh a stèidheachadh gus an gnothach a thoirt air adhart.

Bheir iad còmhla na diofar bheachdan a th' ann airson feum a dhèanamh den phàirc, is cuiridh iad an uairsin plana gnothachais ri chèile.

Is nochd beachdan gu leòr oidhche Mhàirt - bho spòrs, gu café, gu sgoil iomain, tèatar is cinema air a' bhlàr a-muigh nam measg.

Thog duine no dithis dragh gum faodadh cus làimh a bhith aig a' chluba chriogait sa ghnothach is gum biodh iad a' toirt air daoine eile pàigheadh airson an goireas fhèin ath-nuadhachadh.

Chaidh gealltainn gum biodh e ann an riaghailtean na buidhne ùire a thèid a stèidheachadh nach fhaod ach duine no dhithis bhon chriogaid a bhith air a' bhòrd-stiùiridh.

Air a' cheann thall, dh'fheumadh cothrom a bhith aig a' mhòr-shluagh air feadh na Gàidhealtachd bhòtadh airson cò a ruitheas cùisean, oir 's ann leotha-san a bhiodh a' phairc - chan ann dìreach le muinntir Inbhir Nis.

Thèid airgead a shireadh a-nise bho HIE airson cùisean a ghluasad air adhart.

Chìthear barrachd air An Là air BBC ALBA oidhche Chiadain bho 8:00f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo