Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha am bile airson riaghailtean an Aonaidh Eòrpach a ghluasad gu lagh Bhreatainn a' dol dhan dàrna leughadh ann an Taigh nam Morairean an-diugh fhathast. Bidh mu 200 morair a' gabhail pàirt ann an dà là de dheasbad agus tha mòran dhiubh sin an aghaidh Brexit.

Tha paipear riaghaltais a chaidh fhoillseachadh gun chead air an làrach-lìn, BuzzFeed News, ag ràdh gu bheil a h-uile coltas nach bi eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte a' fàs cho luath air taobh a-muigh an EU leis na molaidhean a th' ann an-dràsta. Thuirt an Riaghaltas gun tèid an t-aonta a dhealbh air dhòigh gus nach dèan e cron air Breatainn.

BBC

Thuirt ceannard a' BhBC gum bi gearradh pàighidh ann do chuid den fheadhainn as motha a tha a' cosnadh aig a' bhuidhinn agus gum bi feadhainn de bhoireannaich agus corra fhear cuideachd, a' faighinn àrdachadh pàighidh. Thuirt an t-Àrd-Stiùiriche, Tony Hall, a bha a' foillseachadh ath-sgrùdadh air structar pàighidh am measg luchd-obrach ann an roinn naidheachd a' BhBC, nach robh a' bhuidheann air a bhith slaodach ann an dèiligeadh ri mì-chothromachd ann am pàigheadh eadar fir agus boireannaich, ach dh'aidich e gu bheil mòran aig a' bhuidhinn ri dhèanamh fhathast.

Catalonia

Cha bhi bhòt ann am Pàrlamaid Chatalonia an-diugh air am bu chòir Carles Puigdemont a stèidheachadh a-rithist mar cheann-suidhe air an sgìre sin. Tha Mgr Puidgemont air teicheadh às an Spàinn an dèidh dha neo-eisimeileachd a ghairm an-uiridh is tha a h-uile coltas ann ma thilleas e gun tèid a chur an grèim.

Factoraidh

Tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh air cead do dh'fhactoraidh ùr sa Ghearasdan a bhiodh a' dèanamh chuibhleachan alloy do chàraichean. Tha a' chompanaidh aig a bheil leaghadair alùmanum na sgìre ag ràdh gum biodh mu 400 cosnadh aig an fhactoraidh. Tha comhairlichean na Gàidhealtachd a' beachdachadh cuideachd air planaichean connspaideach airson taighean faisg air raon Bhlàr Chùil Lodair, agus tha luchd-iomairt aig togalach na comhairle ann an Inbhir Nis an-diugh a' togail fianais an aghaidh an sgeama a tha sin.

Bòrd-slàinte

Thèid innse do Bhòrd NHS na Gàidhealtachd an-diugh gu bheil cunnart ann gum bi a' bhuidheann £15m os cionn buidseit aig deireadh na bliadhna ionmhais seo. Cluinnidh iad bho stiùiriche eadar-amail an ionmhais, Dave Garden, nach robh uimhir de bhuaidh 's a bha dùil aig plana airson airgead a shàbhaladh.