Stèisean rèile ùr taobh a-staigh dà bhliadhna

  • 29 Am Faoilleach 2018
Trèanaichean

Chuala co-labhairt ann an Inbhir Nis gu bheil dùil gum bi stèisean rèile aig Port-adhair Inbhir Nis fosgailte taobh a-staigh dà bhliadhna.

Tha HITRANS air a bhith ag obair a dh'ionnsaigh stèisean a thogail aig a' phort-adhair bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Dh'innis iad gun robh toll san ionmhas a bha a dhìth orra.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba aig deireadh na bliadhna an-uiridh gun cuireadh iad £3m ris a' phròiseict.

Tha Còmhdail Alba cuideachd gu bhith os cionn an leasachaidh a-nise.

A' bruidhinn aig co-làbhairt HITRANS ann an Inbhir Nis Diluain, thuirt Frank Roach bhon bhuidhinn gu bheil dùil gum fosgail an stèisean taobh a-staigh dà bhliadhna.

B'àbhaist stèisean a bhith ann an Dail Chrois ach chaidh a dhùnadh ann an 1965.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile