Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha ministearan an Aonaidh Eòrpaich a' cruinneachadh anns a' Bhruiseal feasgar a dheasbad na h-ùine eadar-amail an dèidh Brexit nuair a dh'fhalbhas an Rìoghachd Aonaichte às an EU anns a' Mhàirt an ath-bhliadhna. Tha dùil gun iarr iad air Breatainn cumail ri riaghailtean na margaidh singilte agus aonadh nan cusbann airson dà bhliadhna. Tha diofar bheachdan mun ùine eadar-amail a' dèanamh sgaradh eadar buill Tòraidh agus tha feadhainn a' càineadh Theresa May mun dòigh anns a bheil ise a' dol air adhart dhan ath-ìre anns na còmhraidhean.

Iarraidh Rùnaire Brexit na h-Alba, Mìcheal Ruiseil, air Taigh nam Morairean pàirtean cudromach de reachdas Brexit atharrachadh. Tha esan ann an Lunanin an-diugh còmhla ri Rùnaire Brexit na Cuimrigh, Mark Drakeford, agus iad a' togail dragh mu bhuaidh Brexit air fèin-riaghladh, agus am bile airson falbh às an EU a' tilleadh dhan dàrna leughadh ann an Taigh nam Morairean an t-seachdain seo.

Carillion

Nì buidheann-faire rannsachadh air leabhraichean na companaidh Carillion a chaidh fodha bho chionn còrr is cola-deug. Tha buidheann de bhuill phàrlamaid ag ràdh gum faodadh toll cho mòr ri billion not a bhith ann an stòras peinnsean Charillion agus tha iad a' fàgail air a' bhuidhinn gun do dh'fheuch iad ri an dleasdanas do pheinnseanairean a sheachnadh aig a' cheart àm 's a bha iad a' toirt riadh do luchd-earrann agus bònas do stiùrichean. Thuirt ministear nan Làbarach airson na h-Obrach agus nam Peinnseanan, Jack Dromey, gu bheil ceistean mòra aig ministearan an Riaghaltais ri fhreagairt mun thachair.

Tubaist

Tha dùil ri duine sa chùirt ann an Lunnainn an-diugh fo chasaid mu bhàs thriùir dheugairean anns an do bhual càr air Taobh Siar Lunnainn an t-seachdain seo chaidh. Tha Jaynesh Chudasama, 28, à Hayes, air Taobh Siar Lunnainn fo chasaid gun do mharbh e Harry Rice, George Wilkinson agus Josh McGuinness, a bha uile 17, le dràibheadh cunnartach.

An Lanntair

Bha mu 250 duine aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh an-dè, a' coimhead fiolm agus a' gabhail pàirt ann am bùth-obrach eàlain. Bidh An Lanntair fosgailte gach Sàbaid mu dheireadh den mhìos eadar seo agus deireadh a' Mhàirt mar sgeama phileat. Bha dithis a' togail fianais taobh a-muigh an togalaich a' cur an aghaidh bristeadh na Sàbaid.